Ceistean airson taic a thoirt do chòmhradh coimhearsnachd a thaobh nan dleastanasan airson com-pàirteachas coimhearsnachd fon Achd Ath-leasachadh Fearainn
Planaichean Cleachdadh Fearainn
Tha an t-Achd a’ mìneachadh a fiosrachaidh a leanas mar a bhith riatanach airson PCF:
- Fiosrachadh an fhearainn a tha fo shealbh a’ ghabhaltais, a’ toirt fa near an structar a th’ air sealbh an fhearainn,
- Lèirsinn agus amasan an uachdarain a thaobh mar a chleachdas iad am fearann thairis air an ùine-fhada, a’ toirt fa near mar a dh’fhaodadh iad reic cuibhreann den ghabhaltas no an gabhaltas uile gu lèir,
- Na ceumannan a tha an t-uachdaran air leantainn gus conaltradh leis a’ choimhearsnachd agus màladairean mu leasachadh a’ PhCF, is buaidh a’ chonaltraidh ud air a’ PhCF,
- Mar a tha an t-uachdaran a’ gèilleadh ri (no an dùil gèilleadh ri):
- na h-uallaichean a thaobh com-pàirteachas coimhearsnachd,
- Còd Slighean Dùthchail na h-Alba, agus,
- an còd airson cleachdaidhean a thaobh a bhith a’ cumail smachd air fèidh,
- Mar a tha an t-uachdaran a’ stiùireadh, no am beachd stiùireadh, an fhearainn a tha fo shealbh a’ ghabhaltais ann an dòigh a choileanas amasan a thaobh:
- targaidean nàiseanta airson cothromachadh carboin,
- freagairt ri atharrachadh na gnàth-shìde,
- a’ cur ri bith-iomadachd,
- Mar a tha an t-uachdaran a’ toirt fa near dha – no an dùil fa near a thoirt dha – plana àite ionadail sam bith a th’ air a chlàradh leis an ùghdarras dealbhaidh ionadail agus a bhuineas ri pàirt sam bith den ghabhaltas.