Ceistean airson taic a thoirt do chòmhradh coimhearsnachd a thaobh nan dleastanasan airson com-pàirteachas coimhearsnachd fon Achd Ath-leasachadh Fearainn

Page 1 of 4

Closes 26 Jan 2027

Planaichean Cleachdadh Fearainn

Tha an t-Achd a’ mìneachadh a fiosrachaidh a leanas mar a bhith riatanach airson PCF:

  • Fiosrachadh an fhearainn a tha fo shealbh a’ ghabhaltais, a’ toirt fa near an structar a th’ air sealbh an fhearainn,
  • Lèirsinn agus amasan an uachdarain a thaobh mar a chleachdas iad am fearann thairis air an ùine-fhada, a’ toirt fa near mar a dh’fhaodadh iad reic cuibhreann den ghabhaltas no an gabhaltas uile gu lèir,
  • Na ceumannan a tha an t-uachdaran air leantainn gus conaltradh leis a’ choimhearsnachd agus màladairean mu leasachadh a’ PhCF, is buaidh a’ chonaltraidh ud air a’ PhCF,
  • Mar a tha an t-uachdaran a’ gèilleadh ri (no an dùil gèilleadh ri):
  • Mar a tha an t-uachdaran a’ stiùireadh, no am beachd stiùireadh, an fhearainn a tha fo shealbh a’ ghabhaltais ann an dòigh a choileanas amasan a thaobh:
    • targaidean nàiseanta airson cothromachadh carboin,
    • freagairt ri atharrachadh na gnàth-shìde,
    • a’ cur ri bith-iomadachd,
  • Mar a tha an t-uachdaran a’ toirt fa near dha – no an dùil fa near a thoirt dha – plana àite ionadail sam bith a th’ air a chlàradh leis an ùghdarras dealbhaidh ionadail agus a bhuineas ri pàirt sam bith den ghabhaltas.
1. Dè am fiosrachadh eile a bhiodh sibh fhèin no ur coimhearsnachd airson faicinn ann am PCF? Às iad seo, cò aca as cudromaiche?

 ’S urrainn dhuibh suas ri 5 rudan ainmeachadh.

2. Dè na ceumannan a bhiodh sibh fhèin no ur coimhearsnachd a’ lùigeachdainn a leanadh an t-uachdaran gus a bhith cinnteach gu bheil luach aig a’ chonaltradh seo?

Bidh feum aig an uachdaran no na riochdairean aca conaltradh a dhèanamh leis a’ choimhearsnachd ionadail is iad ag ullachadh PCF.

3. Dè an stiùireadh no fiosrachadh eile a bhiodh feumail?

’S mathaid gum bi a’ choimhearsnachd agaibh airson a bhith ullamh don latha a thèid na h-uallaichean ùra seo air uachdarain a chur an sàs gus an urrainn dhuibh am feum as motha a dhèanamh asta.