Ceistean airson taic a thoirt do chòmhradh coimhearsnachd a thaobh nan dleastanasan airson com-pàirteachas coimhearsnachd fon Achd Ath-leasachadh Fearainn
Overview
Tha Achd Ath-leasachadh an Fhearainn (Alba) 2025 a’ cur an sàs uallaichean ùra do dh’uachdarain aig a bheil gabhaltasan fearainn mòra.
Air sgàth seo bidh aca ri dhol an sàs ann an com-pàirteachas le coimhearsnachdan ionadail agus plana ullachadh a thaobh mar a chleachdas iad fearann – plana airson cleachdadh fearainn (PCF). ’S urrainn PCF a bhith cudromach gus rèiteachadh eadar uachdaran agus a’ choimhearsnachd ionadail. Bidh e na chuideachadh don choimhearsnachd ionadail gus tuigse a bhith aca air mar a dh’fhaodadh fearann a chleachdadh no ma thèid a reic san ùine ri thighinn.
Mus eil an lagh seo air a chur an sàs, tha cùisean a bharrachd againn ri mhìneachadh – cuid dhiubh a bhios nan feumalachdan laghail (riaghlaidhean) agus cuid ris am bithear an dùil ach nach eil riatanach a rèir an lagha (stiùireadh).
O chionn ghoirid dh’fhoillsich sinn co-chomhairle phoblach a’ sireadh bheachdan air cuid de na ceistean seo. Mar eisimpleir, dè am fiosrachadh a bu chòir a bhith an lùib PCF agus dè a bu chòir gum feum uachdarain dèanamh gus a bhith cinnteach gu bheil iad dha-rìribh air coinneachadh ri, agus còmhradh leis, a’ choimhearsnachd ionadail mar phàirt den phròiseas sin.
Tha sinn airson a bhith cinnteach gum bi cothrom aig gach neach a thighinn an sàs anns a’ phròiseas seo. Ach tha sinn cuideachd ag aithneachadh gu bheil e nas doirbhe do chuid a bhuidhnean ùine a chur seachad a’ sgrìobhadh freagairtean slàn do cho-chomhairlean – mar eisimpleir, buidhnean coimhearsnachd nas lugha.
Air sgàth sin tha sinn air a’ phàipear ghoirid seo ullachadh anns a bheil roghainn de cheistean nas mionaidiche a dh’fhaodadh a bhith taiceil dhuibh mar bhun-stèidh ur còmhraidhean.
Air neo, faodaidh sibh na freagairtean agaibh do na ceistean seo — co-dhiù a tha sibh a’ dèanamh sin às ur n-ainm fhèin no às leth na buidhne agaibh — a chur gu LRAct2025Implementation@gov.scot. Thèid am freagairt seo a thoirt fa-near còmhla ri freagairtean eile don cho-chomhairleachadh poblach, agus bidh e cuideachd na phàirt den mhion-sgrùdadh fhoirmeil air na freagairtean don cho-chomhairleachadh.
Fiosrachadh feumail mu bhith a’ freagairt an t-suirbhidh seo
Mar a bhios tu a’ lìonadh do fhreagairt, bidh roghainn aig bonn gach duilleige airson ‘Sàbhail agus till air ais nas fhaide air adhart’. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn dhut na tha thu air a dhèanamh a shàbhaladh agus tilleadh chun a’ cho-chomhairleachaidh aig àm sam bith mus dùin e.
Mura cleachd thu an roghainn seo agus gun fhàg thu an co-chomhairleachadh fhad ’s a tha thu sa mheadhan, thèid am freagairt agad a chall.
Nuair a bhios tu air am freagairt agad a chur a-steach, faodaidh tu an seòladh puist-d agad a thoirt seachad gus leth-bhreac PDF de na freagairtean agad fhaighinn. Air an duilleag 'Mu Dheidhinn' aig deireadh a' cho-chomhairleachaidh seo, bidh cothrom aig buidhnean barrachd innse dhuinn mun obair aca agus/no mar a chaidh am freagairt aca a dhealbhadh.
Às dèidh don cho-chomhairle tighinn gu crìch, bidh dàil de bheagan mhìosan ann mus tèid freagairtean sam bith fhoillseachadh. Tha seo air sgàth ’s gum feum sinn dèanamh cinnteach gu bheil na freagairtean a thèid fhoillseachadh a’ cumail ris na Cumhachan Cleachdaidh againn.
Thèid mion-sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean buntainneach uile a chuirear a-steach. Dh’fhaodadh buidhnean treas-phàrtaidh a tha fo chùmhnant bho Riaghaltas na h-Alba, na buidhnean gnìomha aige no oifisean neo-mhinistearach, seo a dhèanamh. Bidh an roinneadh dàta seo fo smachd rèiteachaidhean cùmhnantail iomchaidh gus an dàta agad a chumail tèarainte.
Mar as trice thèid aithisg mion-sgrùdaidh fhoillseachadh beagan mhìosan an dèidh don cho-chomhairle dùnadh. Nì an aithisg seo geàrr-chunntas air na co-dhùnaidhean stèidhichte air na freagairtean uile a chuirear a-steach. Thèid fhoillseachadh air làrach-lìn Riaghaltas na h-Alba agus dh’fhaodadh gun tèid fios a chur thugad mu dheidhinn ma roghnaicheas tu do sheòladh puist-d a cho-roinn leinn.
Faodaidh tu cuideachd clàradh airson an liosta-puist co-chomhairleachaidh againn, far am bi sinn gu cunbhalach a’ liostadh aithisgean mion-sgrùdaidh a chaidh fhoillseachadh às ùr (a bharrachd air co-chomhairlean ùra).
Co-roinn do bheachdan
Interests
- Building and Planning
- Farming and Rural
Share
Share on Twitter Share on Facebook